Àrdachadh air luchd-siubhail adhair
- Air fhoillseachadh

Tha an àireamh luchd-siubhail a chaidh tro phuirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig an ìre as àirde bho chionn ceithir bliadhna
Thuirt Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean - HIAL - gun do chleachd cha mhòr 1.3m luchd-siubhail na seirbheisean aca an-uiridh - an t-àireamh as àirde bho chionn ceithir bliadhna.
Sheall aithisg bhliadhnail na companaidh cuideachd gun do rinn i call de £900,000 an-uiridh - sìos £70,000 air a' bhliadhna roimhe.
Chosg a' chompanaidh mu £8.5m ge-tà air pròiseactan calpa.
Àireamh sheirbheisean
Dh'èirich àireamh an luchd-siubhail 3% a dh'aindeoin 's gun tàinig lùghdachadh beag air an àireamh sheirbheisean a tha iad a' ruith.
'S e Inbhir Nis am port-adhair as trainge, le còrr is 600,000 luchd-siubhail a' dol troimhe.
Bha leudachadh air an raon-laighe an sin, airson a dhèanamh nas fhasa do dh'itealain mhòr laighe faisg air togalach a' phuirt-adhair, a-measg nan leasachaidhean air an deach airgead mòr a chosg.
Thuirt Cathraiche HIAL, Grenville Johnston, gu bheil na puirt-adhair aca a' frithealadh cuid dhen na sgìrean as iomallaich anns an Rìoghachd Aonaichte agus gu bheil e deatamach nach caill iad na ceanglaichean adhair aca.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An t-Sultain 2012

- Air fhoillseachadh24 An t-Sultain 2013
