Nàisean nan Gàidheal?
Tha beachd ùr air nochdadh gur dòcha gur e "nàisean" a th'anns na Gàidheil - dìreach aon nàisean chulturail air taobh a-staigh Alba "ioma-nàiseanta."
Thàinig am beachd bhon sgrìobhadair Sgitheanach Iain MacFhionghain ann an artagail air an làrach-lìn Bella Caledonia.
Tha esan a' tagradh nach e aon nàisean chulturail a th'ann an Alba 's gum bu chòir còirichean agus aithne shònraichte a bhith aig Gàidheil anns an deasbad mu Alba neo-eisimeileach.