Prìomh Mhinistear na Cuimrigh a' cur an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba
- Air fhoillseachadh

Dh'iarradh Mgr Jones còir a bheachd a thoirt seachad air aonadh airgid.
Thuirt Prìomh Mhinistear na Cuimrigh, Carwyn Jones, gum feuchadh e ri bacadh a chur air Alba neo-eisimeileach bho a bhith a' cleachdadh an nòt.
Bha Mgr Jones, a tha na Làbarach, a' toirt seachad òraid aig Oilthigh Dhùn Èideann oidhche Chiadain, far an do dh'iarr e air muinntir na h-Alba bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd san referendum an ath-bhliadhna.
Thuirt e gur e aonta maireannach a thaobh fèin-riaghlaidh a b'fheàrr do dh'Alba, mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte, gum biodh aonadh airgid na "bhùrach", 's nach obraicheadh e a chum maith na Cuimrigh.
"'S e siostam gu math doirbh a bhiodh ann bho shealladh na Cuimrigh dheth," thuirt e.
"Bhiodh dragh mòr mòr orm mu shiostam airgid sam bith a dh'fheumadh aonta eadar diofar riaghaltasan."
Thuirt e gun iarradh e, mar Phrìomh Mhinistear na Cuimrigh, "còir a bhith a' toirt seachad a bheachd" air moladh airson leithid de dh'aonadh airgid.
Tha an SNP air a bhith ag ràdh gur e aonadh airgid a b'fheàrr leothasan, fo am biodh Alba a' cleachdadh an nòt, còmhla ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
Tha Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, ag ràdh gum biodh sin a chum maith gach cuid na h-Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.
"Tha e a' dèanamh ciall gu follaiseach a thaobh na h-eaconamaidh gum bi sinn a' roinn airgid eadarainn - sin bun na h-argamaid airson aonadh airgid an nòt," thuirt Mgr Swinney.
Ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd, thuirt e: "bhiodh an SNP an dùil gun toireadh Riaghaltas Bhreatainn spèis don mholadh a chuir sinn mu an coinneimh."
Tha an Seansalair, Seòras Osborne, air a ràdh roimhe gur ann ao-coltach a bhiodh aonta Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ri aonadh airgid.