Oighreachd na Pàirc ga ceannach
Dh' aontaich muinntir oighreachd na Pàirc ann an Leòdhas an ìre mhath a dh'aona-ghuthach an oighreachd a cheannach bhon uachdaran airson £0.5m.
Tha seo a' tighinn às dèidh bhliadhnaichean far an do dh' fheuch iad ris an oighreachd a cheannach an aghaidh toil an uachdarain.
A-nis ge-tà dh'fhaodadh an oighreachd a bhith ann an làmhan an t-sluaigh tràth sa Bhliadhn' Ùir.