Comhairliche ùr an Gallaibh
- Air fhoillseachadh
Chaidh comhairliche ùr a thaghadh airson pàirt de sgìre Ghallaibh a riochdachadh air Comhairle na Gàidhealtachd.
Bidh Mata Reiss na bhall neo-eisimeileach air a' Chomhairle, 's e air soirbheachadh ann am fo-thaghadh Diardaoin an aghaidh cheathrar eile.
Bidh e a' gabhail àite a' bhuill Nàiseantaich, Ailig MacLeòid, a leig dheth a dhreuchd fhad 's a tha casaidean lagha na aghaidh co-cheangailte ris an taghadh mu dheireadh.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh