A82 dùinte an dèidh tubaist làraidh
- Air fhoillseachadh
Tha tubaist le làraidh air an A82 a dhùnadh.
Thachair an tubaist beagan deas air Caisteal Urchardain, mu 2:25f Dihaoine.
Tha na Poilis, luchd-smàlaidh, agus luchd-eiridinn aig an làraich.
Chan eil an còrr fiosrachaidh ann aig an ìre seo.