Fianais mu ath-leasachadh an fhearainn
- Air fhoillseachadh

Fhuair aithisg gur ann le beagan is 400 uachdaran a tha 50% de thalamh phrìobhaideach an Alba.
Bidh comataidh de Bhuill-Phàrlamaid à Westminster ann an Inbhir Nis an t-seachdain seo airson tuilleadh fianais a chruinneachadh mar phàirt de rannsachadh air ath-leasachadh an fhearainn ann an Alba.
Cluinnidh a' Chomataidh fianais bhon bhuidhinn Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, mar phàirt de cho-chomhairleachadh air a' chùis.
Bidh Comataidh nan Cùisean Albannach cuideachd a' meòrachadh air aithisg a dh'fhoillsich iad sa Mhàirt mun dòigh anns a bheil Oighreachd a' Chrùin air a stiùireadh ann an Alba.
Rinn an aithisg càineadh air mar a bha Coimiseanairean Oighreachd a' Chrùin a' dèiligeadh ris na dleastanasan a th' orra gu h-àraid a thaobh nan cladaichean agus grunnd na mara.
Faighnichidh buill na Comataidh Dimàirt do dh'Oighreachd a' Chrùin, ciamar a tha iad an dùil obrachadh san àm ri teachd.
Tha an co-chomhairleachadh a' tachairt às dèidh aithisg a chaidh fhoillseachadh san Iuchair a fhuair gur ann le beagan a bharrachd air 400 uachdaran a tha 50% de thalamh phrìobhaideach ann an Alba.
Thuirt an aithisg cuideachd gum feumar stad a chur air uachdarain bho bhith a' seachnadh chìsean.