Tuath-gaoithe Mòinteach Àranais air a' mhargaidh
- Air fhoillseachadh

'S ann le companaidh phrìobhaidich a tha na crainn, ach 's ann air talamh le Urras Steòrnabhaigh a tha iad.
Thathar a' sireadh thagraidhean airson tuath-gaoithe Mòinteach Àranais a cheannach.
Tha trì chrainn ann, a' cruthachadh beagan nas lugha na ceithir megawatt de chumhachd.
'S ann le companaidh phrìobhaidich a tha na crainn, ach 's ann air talamh le Urras Steòrnabhaigh a tha iad.
Trioblaidean
Tha trioblaidean air a bhith an lùib an tuath-ghaoithe o thùs: tha grunn chompanaidhean a bha gan ruith air a dhol fodha agus, aig àmannan, chan eil sgiathan nan crann air a bhith a' cur nan caran mar a bu chòir.
Tha Urras Steòrnabhaigh an-dràsta a' beachdachadh am b' fhiach an tuath-gaoithe a cheannach dhaibh fhèin.
Thuirt Siamarlan an Urrais, Iain MacÌomhair, gun deach còmhraidhean a chumail leotha anns a' chiad dol a-mach, a' toirt cothrom dhaibh fhèin agus dhan Chomhairle earrainnean a ghabhail ann.
Ged nach robh sin comasach dhaibh aig an àm, thathar a-nis airson sùil às ùr a thoirt air a' chùis.
Aig an ìre seo, chan eilear air a thighinn gu co-dhùnadh sam bith.
Aonghas Dòmhnallach a' còmhradh ri Iain MacÌomhair
An Griod Nàiseanta
Dh'innis Mgr MacÌomhair gu bheil trioblaidean co-cheangailte ri neart a' Ghriod air beagan mì-chinnt adhbharachadh.
"Dh'fheumadh an t-Urras a bhith gu math cinnteach à cùisean, oir 's e airgead a' phobaill a th' ann," thuirt e.
"Anns na mìosan a chaidh seachad, tha tuath-gaoithe eile air a dhol an-àirde agus thàinig orra-san airgead mòr a chur dhan Ghriod.
"Tha sinn an dòchas gun toir sin piseach air cùisean."
Chan eil fhios cò a cheannaicheas an tuath-gaoithe; dh'fhaodadh gur e companaidh mòr bho thaobh a-muigh nan eilean.
Tha dùil ri freagairt tràth sa Bhliadhn' Ùir.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2013
