Gearraidhean eile air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chuir a' Chomhairle £12m de ghearraidhean romhpa mar thà.
Thèid iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd gabhail ri gearraidhean a bharrachd anns a' bhuidseat aca, luach £3.5m, aig coinneimh an ath-sheachdain.
Tha seo a' tighinn agus ceannardan na Comhairle air rabhadh a thoirt seachad gur ann nas doirbhe a bhios cùisean ionmhasail sna còig bliadhnaichean ri teachd.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air £12m de shàbhalaidhean a chur romhpa mar thà ro bhuidseat na h-ath-bhliadhna.
Cha deach fiosrachadh mionaideach fhoillseachadh fhathast air mar a thèid na gearraidhean seo a dhèanamh, ach tha dùil ri mìneachadh a bharrachd feasgar.
Bidh Cìs na Comhairle a' leantainn aig an aon ìre ge-tà, airson na seachdamh bliadhna sreath a chèile.
Thuirt an Comh. Dàibhidh Fallows gum faodadh gum bi aca suas ri £80m a chùmhnadh gu ruige 2018 agus 2019.