Leudachadh air dannsa-uchd
Fhuair cluba dannsa-uchd ann an Inbhir Nis cead fosgladh gu 3.00m a h-uile latha den t-seachdain.
Bha NHS na Gàidhealtachd agus buidhnean chòirichean bhoireanach an aghaidh an iarrtais bho 'Private Eyes' ann an Inbhir Nis.
Chò-dhùin Bòrd Ceadachd na Gàidhealtachd ge-tà nach robh fianais gu leòr aca stad a chur air.