NHS na Gàidhealtachd duilich mu bhàs leanaibh
- Air fhoillseachadh

Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad mar thà a' cur leasachaidhean an sàs.
Thabhainn NHS na Gàidhealtachd leisgeul air boireannach a ruig leanabh a bha marbh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Thuirt a' bhuidheann gun robh iad duilich mu laigsean sa chùram agus sa chomhairle a thug iad seachad don bhoireannach.
Thòisich Ombudsman nan Seirbheisean Poblach rannsachadh às dèidh ghearainnean mun chùram a fhuair am boireannach, nach deach ainmeachadh, agus dùil aice ri leanabh, a rugadh marbh san Dùbhlachd 2011.
Thug rud ris an canar "Shoulder Dystocia" buaidh air an leanabh - a' ciallachadh gun deach a ghualain a ghlacadh ann am pelvis a mhàthar.
Bha an aon rud air tachairt le pàiste a bh' aice roimhe, ach cha tug luchd-cùraim rabhadh seachad gun robh seansa na bu mhotha ann gun tachradh e a-rithist.
Cha mhotha a thug iad roghainn dhi cesarian fhaighinn.
Fhuair an rannsachadh cuideachd nach deach fiosrachadh ceart a chur ann an nòtaichean meidigeach a' bhoireannaich.
Thuirt Àrd-Stiùiriche NHS na Gàidhealtachd, Elaine Mead, gu bheil a' bhuidheann mar thà a' cur leasachaidhean an sàs, stèidhichte air molaidhean aithisg an Ombudsman, agus gun robh iad duilich dha-rìribh mu na thachair.