Dà chosnadh ùr an lùib pròiseict lusan
- Air fhoillseachadh

Thèid sia tunnalan plastaig a thogail son lusan fhàs.
Tha Buidheann Leasachaidh Coimhearsnachd Horsiadar ann an Leòdhas air an dòigh às dèidh dhaibh còrr is £250,000 not fhaighinn.
Bidh an t-airgead a' tighinn bhon stòras Climate Change Fund.
Leis an airgead tha iad an dùil 6 tunnalan plastaig a thogail gus lusan agus measan fhàs annta son a reic gu h-ionadail.
Thèid dà chosnadh ùr a chruthachadh an lùib a' phròiseict