Dragh mu mhapaichean ùra
- Air fhoillseachadh

Tha Ceann a Tuath Na Hearadh na dheagh eisimpleir air mar a dh'fhaodas sgìre a bhith air a leasachadh gu maith na coimhearsnachd.
Tha uachdarain coimhearsnachd draghail mu phlanaichean airson sgìrean de thalamh nàdarra a ghlèidheil bho leasachaidhean.
Tha seo a' tighinn an dèidh don ùine conaltraidh air mapaichean ùra a chaidh a dhèanamh le Dualchas Nàdar na h-Alba a thighinn gu ceann.
Tha na mapaichean ag amas air cuid de sgìrean a dhìon bho leasachaidhean mòra gaoithe.
A rèir Cathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Dàibhidh Camshron, dh'fhaodadh iad droch bhuaidh a thoirt nan deigheadh an cleachdadh ann an dòigh mì-iomchaidh.
Thuirt Mgr Camshron cuideachd gu bheil Ceann a Tuath na Hearadh na dheagh eisimpleir air mar a dh'fhaodas sgìre a bhith air a leasachadh gu maith na coimhearsnachd.