Bann-leathann luath do dh'Earra-Ghàidheal agus Moireibh
- Air fhoillseachadh

Tha luach £140m anns a' phròiseact airson seirbheis bhann-leathainn air leth luath a thoirt don mhòr-chuid de dhaoine air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.
Dh'fhaodadh seirbheis bhann-leathann air leth luath a bhith aig sgìrean de dh'Earra-Ghàidheal agus Moireibh as t-Samhradh.
San dàrna earrainn den phròiseact, dh'innis Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean gun tèid an t-seirbheis a chur air bhonn ann an trì bailtean an Earra-Ghàidheal agus ceithir ann an sgìre Mhoireibh.
Ach, tha feadhainn air ceist a thogail mun chùis, leis a' chomhairliche airson Cinn Tìre agus na h-Eileanan, Robin Currie, ag ràdh gum biodh an leasachadh na b' fheumaile anns na h-Eileanan, far a bheil am bann-leathann, sa chumantas, nas slaodaiche.
Buannachdan
Tha luach £140m anns a' phròiseact airson seirbheis bhann-leathainn air leth luath a thoirt don mhòr-chuid de dhaoine air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.
Dh'innis Iomairt nan Gàidhealtachd 's nan Eilean Diardaoin gun tèid an t-seirbheis a' sgaoileadh gu Earra-Ghàidheal agus Moireibh san ath shia mìosan.
Thuirt Oifigear Conaltraidh Gàidhlig na buidhne, Màiri Bertram, gun tig buannachdan mòra às.
A thuilleadh air seirbheisean pearsanta, thuirt i gum bi an t-seirbheis ùr buannachdail do ghnìomhachasan dhaoine, leis gum bi e comasach dhaibh gnothachas a dhèanamh ris a' chòrr den t-saoghal gun strì.
Thèid a chur air bhonn san Òban, Taigh an Uillt agus an Leideag ann an Earra-Ghàidheal, agus ann an Cùillean, Inhbir Èireann, Fachabair agus Farrais ann am Moireibh.
Atharrachadh
Thuirt Stiùiriche Seirbheis a' Bhuinn-leathainn aig IGE, Stiùbhart Robertson, gun toireadh an t-seirbheis atharrachadh air an dòigh sa bheil daoine a' conaltradh agus ri gnìomhachas air an eadar-lìon.
Dh'iarr Comhairliche Chinn Tìre agus na h-Eileanan coinneamh le BT agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean airson faighinn a-mach cuin a gheibh an sgìre seirbheis bhann-leathainn luath.
Tha Mgr Currie den bheachd gu bheil còir an siostam ùr a chur an sàs anns na h-Eileanan an toiseach, seach anns na bailtean.
"Tha mòran anns na h-Eileanan nach eil a' faighinn a' bhuinn-leathainn idir. Tha feum mòr aca air an sin," dh'innis e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An Dùbhlachd 2013

- Air fhoillseachadh26 Am Màrt 2013
