Meadhanan gan càineadh mu mhion-chànanan
- Air fhoillseachadh

'S ann air foghlam as motha a thog a' Chomataidh dragh mun Ghàidhlig.
Chàin Comhairle na h-Eòrpa an dòigh anns a bheil na meadhanan naidheachd ann am Breatainn a' dèanamh tàire air mion-chànanan, leithid na Gàidhlig.
Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil feum air mòr-shluagh Beurla na Rìoghachd Aonaichte oideachadh air luach is seasamh nam mion-chànanan.
Tha na beachdan a' tighinn ann an aithisg oifigeil air mar a tha Breatainn a' coileanadh Cairt nam Mion-Chànanan Eòrpach.
Tha a' bhuidheann, a tha stèidhichte ann an Strasbourg, an urra ri bhith a' cumail suas na Cairte, agus gnothaichean eile co-cheangailte ri còirichean daonna.
Chan ionnan iad agus an t-Aonadh Eòrpach - tha 47 stàitean nam buill de Chomhairle na h-Eòrpa.
Iomagain
Tha iad ag ràdh gu bheil iomagain air na h-eòlaichean aca mar a tha cànanan leithid na Gàidhlig, aig a bheil sluagh a bhruidhneas iad, gan làimhseachadh anns na meadhanan ann am Breatainn.
Tha eagal orra gu bheil tàire ga dhèanamh air na slòigh sin.
"Bha dragh air Comataidh nan Eòlaichean a chluinntinn gun robh luchd-labhairt mhion-chànanan sgìreil air an taisbeanadh gu tàireil anns na meadhanan," thuirt iad san aithisg aca.
"Cha d' thug na h-ùghdarrasan fiosrachadh sam bith seachad mu cheumanan a bhathas a' gabhail airson seo a chur ceart.
"Tha feum fhathast tuigse a bhrosnachadh am measg mòr-shluagh na Beurla san Rìoghachd Aonaichte mu mhion-chànanan na dùthcha, mar phàirt de chridhe dualchais chultarail na dùthcha."
Ged nach eil e ann an cumhachd na Comhairle Eòrpaich toirt air riaghaltasan càil a dhèanamh mu dheidhinn, tha e comasach dhaibh ìmpidh mhoralta agus phoilitigeach a chur orra.
'S ann an urra ri Riaghaltasan na h-Alba, na Cuimrigh, agus Èireann a Tuath a tha gnothaichean mhion-chànanan sna dùthchanan sin den Rìoghachd Aonaichte.
Tha an aithisg a' moladh beachd an Riaghaltais anns an fharsaingeachd air a' Ghàidhlig ge-tà, agus mar a chaidh BBC ALBA a stèidheachadh.
Foghlam

Thog a' Chomhairle dragh mu "dhuilgheadasan mòra" a taobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Thog iad dragh ge-tà, mu "dhuilgheadasan mòra" a taobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
"Tha duilgheadasan mòra practaigeach ann fhathast a thaobh foghlaim.
"Tha gainnead mòr thidsearan ann fhathast, agus feum air tuilleadh cheumanan aimsichte a thaobh sin."
Bha dragh air a' Chomataidh mu laigsean a thaobh mhion-chànanan Bhreatainn gu lèir, agus chuir iad ìmpidh mhòr air an Riaghaltas a thaobh na leanas:
Bu chòir leantainn le ceumanan airson foghlam ann an Gàidhlig na h-Alba a leasachadh, gu h-àraid a thaobh trèanadh thidsearan agus foillseachadh stuthan teagaisg agus ionnsachaidh.
Cruthaich agus cuir an gnìomh poileasaidh coileanta airson na Gaeilge, tro reachdas mas urrainn, a' toirt chòirichean reachdail do luchd na Gaeilge.
Gabh ceumanan susbainteach a dh'ionnsaigh barrachd Chuimris a bhith air a cleachdadh ann an seirbheisean slàinte agus cùraim shòisealta.
Neartaich an taic a th' ann do dh'obair Bhòrd Albais Uladh, agus stèidhich teagasg sa chànan sin.
Stèidhich taic mhaireannach bhon Riaghaltas airson Còrnais.
Dèan cinnteach nach toir gearraidhean an Riaghaltais buaidh ro mhòr air dìon agus brosnachadh mhion-chànanan.
A thaobh Albais ann an Alba, thuirt a' Chomataidh gun robh measadh air àireamhan luchd-labhairt a' chànain a dhìth mar bhun-stèidh air a bhith a cruthachadh poileasaidh chànain choileanta.