Muileann am beachd beairtean a chur a-mach air màl
- Air fhoillseachadh

Tha Muileann Shiaboist air naoi beairtean ùra a cheannach, a chuireas iad a-mach air màl gu breabadairean a th' air ùr-thighinn don ghnìomhachas.
Tha Muileann Chlò Shiaboist ann an Leòdhas am beachd beairtean a chur a-mach air màl do bhreabadairean, ann an oidhirp cuideachadh le gainnead bheairtean agus cho daor 's a tha iad rin ceannach.
Tha iad cuideachd an dòchas na margaidhean aca ann an dùthchannan na h-àirde an ear a leasachadh, le leudachadh mun chòigeamh cuid a' tighinn air na tha an gnìomhachas a' reic de chlò.
O chionn beagan sheachdainnean, dh'innis a' mhuileann as motha a tha a' dèanamh Clò Mòr ann an Leòdhas agus na Hearadh gu bheil dùil aca ri bliadhna shoirbheachail.
Thuirt Clò Mòr Innse Gall gun robh na h-òrdain aca aig deireadh na bliadhna an-uiridh suas 25% an coimeas ris an aon àm a' bhòn-uiridh.
Dòchasach
A rèir coltais, tha seo fìor thar a' ghnìomhachais air fad - tha Muileann MhicCoinnich a' cur a-mach suas ri 50 clò san t-seachdain agus tha Muileann Chàrlabhaigh cuideachd air a bhith trang.
Tha margaidh Bhreatainn - margaidh a bha aig àm gu math ìosal - air èirigh bho timcheall air 10% de na h-òrdain a thathas a' cur a-mach gu 36%.
Mar sin, le cùisean a' coimhead nas dòchasaiche, tha Muileann Shiaboist air naoi beairtean às ùr a cheannach, a chuireas iad a-mach air màl gu breabadairean a th' air ùr-thighinn don ghnìomhachas.

Chaidh mu 30 breabadairean ùra a thrèanadh thairis air na trì bliadhnaichean a chaidh seachad, 's tha coltas gu bheil e glè dhuilich dhaibh beairtean a lorg.
Tha Muileann MhicCoinnich mar-thà air beairtean a chur a-mach air màl.
Chaidh mu 30 breabadairean ùra a thrèanadh thairis air na trì bliadhnaichean a chaidh seachad, 's tha coltas gu bheil e glè dhuilich dhaibh beairtean a lorg.
Cosgais
Le beairt ùr a' cosg mu £15,000, às aonais VAT, tha eagal cuideachd gum faodadh a' chosgais sin casg a chur air breabadairean a tha a' feuchainn ri tòiseachadh sa ghnìomhachas.
Thuirt Muileann Shiaboist gun cuir iadsan beairtean a-mach air màl aig £100 sa mhìos, 's gun tig an t-airgead sin a-mach às a' phàigheadh a tha na breabadairean a' faighinn airson a bhith a' fighe nan clòithtean.
Tha a' mhuileann mar-thà trang, agus tha iad an dùil òrdain eile fhaighinn sa mhìos a tha romhainn.
Bha riochdairean bhon chompanaidh aig fèill anns an Eadailt o chionn ghoirid, agus thathar an dùil a dhol gu fèill ann am Paris, a bhios a' reic àirneis-taighe, ro dheireadh na mìos.
A thuilleadh air an sin, thathas a' feuchainn ri margaidh ùr fhosgladh ann an Sìona.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 Am Faoilleach 2014

- Air fhoillseachadh10 An Dàmhair 2013
