Sùil air: Alistair MacIlleMhìcheil
- Air fhoillseachadh

San Dàmhair 2013, chaidh Mgr MacIlleMhìcheil a chur an àite Mìcheal Moore mar Rùnaire Stàite na h-Alba.
Ainm: Alistair MacIlleMhìcheil BP
Dreuchd: Rùnaire Stàite na h-Alba
Iomairt san referendum: Nas Fheàrr Còmhla
Pàrtaidh poilitigeach: Na Libearalaich Dheamocratach
Seasamh air neo-eisimileachd: Airson gum fuirich Alba san Rìoghachd Aonaichte
Eachdraidh poilitigeach
Thogadh Alistair MacIlleMhìcheil ann an Ìle.
Às dèidh dha bhith na mhanaidsear taigh-òsta agus an uair sin na fhear-lagha, chaidh e an sàs ann am poilitigs.
Tha e air a bhith na bhall Lib-Deamach ann am Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte bho 2001, nuair a ghlèidh e an seat a bha roimhe aig Jim Uallas, a' riochdachadh Arcaibh agus Sealtainn.
Nuair a chaidh na Lib-Deamaich an sàs anns a' cho-bhanntachd leis na Tòraidhean ann an 2010, chaidh fhastadh mar leas chuip an Riaghaltais.
San Dàmhair 2013, chaidh Mgr MacIlleMhìcheil a chur an àite Mìcheal Moore mar Rùnaire Stàite na h-Alba.
Beachdan air an referendum
Tha Mgr MacIlleMhìcheil gu mòr airson gum fuirich Alba na pàirt den Rìoghachd Aonaichte. Seo cuid de na tha e air a bhith ag ràdh mun chuspair:
"Tha fios againn gum feumadh na bunaitean air am biodh neo-eisimileachd gu bhith stèidhichte a bhith air an deasbad agus aontachadh le iomadh dùthaich eile, nam measg an còrr den Rìoghachd Aonaichte agus an Aonadh Eòrpach. Bhiodh iomradh onarach mu na dùbhlain agus am mì-chinnt an lùib a bhith a' fàgail an RA air a bhith feumail san deasbad eadar seo agus an t-Sultain. Na àite fhuair sinn liosta mhiannan gun phrìsean."
"Tha Riaghaltas na h-Alba airson gun creid daoine gu bheil sealladh aca den àm ri teachd, chan eil iad a' tabhainn ach mirage."