Na ceumannan cudromach
- Air fhoillseachadh

Tha eachdraidh fhada agus toinnte aig Pàrlamaid na h-Alba thar nan linntean.
Chuir am Prìomhaire Daibhidh Camshron agus Prìomh Mhinistear Ailig Salmond an ainmean ri aonta eachdraidheil a chuir a-mach riaghailtean airson referendum a chumail air neo-eisimeileachd na h-Alba as t-Fhoghair 2014.
Ach cionnas a thàinig cùisean chun na h-ìre seo? Seo clàr-eachdraidh an sgeòil.
1235
A' chiad thùs sgrìobhte mu Phàrlamaid Albannaich. Is coltach gun do choinnich a' Phàrlamaid ann an Kirkliston, taobh a-muigh Dhùn Èideann, agus an dàrna Rìgh Alasdair air an rìgh-chathair an Alba.
1320
Taisbeanadh Obar Bhrothaig. Litir bhon 6mh Ghiblean 1320, dhan Phàp Eòin XXII, a' comharrachadh Alba mar stàit neo-eisimileach fo smachd an Rìgh.
1603
Aonadh nan Crùintean. Seumas VI, Rìgh na h-Alba a' dol na Rìgh air Sasainn agus Èirinn an dèidh do cho-ogha, a' chiad Bhànrigh Ealasaid bàs fhaighinn, gun clann a bhith aice, ann an Sasainn.
1707
Achd an Aonaidh. Alba agus Sasainn a' tighinn còmhla mar aon Rìoghachd Aonaichte - Breatainn. Thàinig an reachdas a-steach dhan lagh air an 1mh là den Chèitean 1707.
1967
Ghlèidh Winnie Ewing fo-thaghadh Hamilton do na Nàiseantaich air 2na den t-Samhain.
1979
Referendum air fèin-riaghladh ga chumail air an 1mh là den Mhàrt. Ged a bhòt 51.2% den luchd-bhòtaidh airson fèin-riaghalaidh, cha d' fhuair iad an 40% den t-sluagh a bha a dhìth airson a thoirt gu buil.
Cha tàinig ach 63.8% den fheadhainn a bha ceadaichte bhòtadh a-mach air an là.
1997
Dàrna referendum air fèin-riaghladh. Bhòt 74.3% airson Pàrlamaid Albannaich le cead cìsean atharrachadh agus chaidh Achd na h-Alba 1998 a dhealbh.
B' e a bhith a' cruthachadh Pàrlamaid Albannaich aon de na prìomh bhunaitean ann am manifesto nan Làbaraich ron taghadh choitcheann ann an 1997.
1999
Chaidh taghaidhean gu pàrlamaid na h-Alba a chumail an toiseach air an 6mh là den Chèitean 1999.
Air an 1mh là den Iuchar chaidh cumhachd a ghluasad bho Westminster dhan Phàrlamaid ùir.
2003
An dàrna taghadh Albannach. Ghlèidh na Làbaraich 50 seat, nas lugha na an 65 seat a bha a dhìth airson mòr-chuid. Chaidh iad ann an co-bhanntachd leis na Libearalaich-Dheamocratach.
B' e an SNP an dàrna pàrtaidh a bu mhotha le 27 seat, ach bha an cuid-san den bhòt nas ìsle na an 35 seat a fhuair iad ann an 1999.
2004
Ghluais Pàrlamaid na h-Alba bho thallaichean Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba gu dachaigh ùr aig Holyrood.
2007

Chuir Ailig Salmond "Còmhradh Nàiseanta" air bhonn ann an 2007.
Taghaidhean gu Pàrlamaid na h-Alba 'son an treas uair. An turas seo, 's e an SNP am pàrtaidh as motha le 47 seat an taca ri 46 aig na Làbaraich.
Stèidhich an SNP Riaghaltas beag-chuid, le taic bho na h-Uainich air cuid de ghnothaichean.
Chuir Alex Salmond "Còmhradh Nàiseanta" air bhonn, airson pàipear geal ullachadh a mhìnicheadh cuid de na roghainnean do dh'Alba san àm ri teachd.
2008
Pàrtaidhean taiceil dhan Aonadh a' cur coimisein air chois, le Sir Coinneach Calman sa chathair, a' coimhead ri fèin-riaghladh às dèidh 10 bliadhna.
2009

Mhol Coimisean Calman cumhachdan ùra a thoirt do dh'Alba.
Torraidhean Coimisean Chalman gam foillseachadh. An aithisg a' moladh gum bu chòir do dh'Alba a bhith os cionn an dàrna cuid den chìs chosnaidh a tha ga cruinneachadh an Alba.
Tha i cuideachd ag ràdh gum bu chòir smachd a bhith aig Holyrood air astar ceadaichte nàiseanta, gunnaichean adhair, agus laghan dràibhidh fo bhuaidh na dibhe.
2011
Airson a' chiad uair bho chaidh a' Phàrlamaid a stèidheachadh, fhuair aon phàrtaidh mòr-chuid a leigeadh leotha Riaghaltas a stèidheachadh.
Ghlèidh an SNP 69 seat (4 a bharrachd air na bha a dhìth). Thuit taic dha na Làbaraich gu 37 seat, agus chaill na Lib-Deamaich agus na Tòraidhean cuideachd tòrr bhòtaichean.
Aig co-labhairt an Fhoghair san Damhair, chur an SNP air bhog an iomairt aca airson neo-eisimileachd.
2012

Chuir Ailig Salmond agus Daibhidh Camshron an ainmean ris an aonta.
Air a' 15mh là den Damhair, thàinig am Prìomhaire Daibhidh Camshron a Dhùn Èideann a chur ainm ri aonta a leigeadh le Pàrlamaid na h-Alba reachdas a chur tron Phàrlamaid a chuireadh air dòigh referendum mu neo-eisimileachd do dh'Alba.
2014
Thèid referendum, a' faighneachd am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimileach, a chumail air an 18mh là den Sultain.