Tuarastal a dhìth airson Gàidhlig ionnsachadh
- Air fhoillseachadh

Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gum bu chòir don stàit pàigheadh airson na creiche a thug iad air a' Ghàidhlig thar nan linntean.
Tha iomairt ga cur air chois an t-seachdain seo airson toirt air an Riaghaltas airgead-dìolaidh a phàigheadh mu choinneimh na creiche a rinn an stàit air a' Ghàidhlig.
Tha e mar phàirt de phròiseact a tha Ionad Cànain Mhoireibh a' stèidheachadh airson cùrsaichean làn-ùine a ruith do phàrantan, fiù 's mus bi a' chlann aca, airson Gàidhlig na dachaigh ionnsachadh.
Tha Fionnlagh MacLeòid bhon Ionad ag ràdh gum bu chòir dhan Riaghaltas tuarastal ceart a phàigheadh dha na pàrantan airson an cànan ionnsachadh làn-ùine.
"Nuair a tha sinn a' bruidhinn air cùrsaichean làn-thìde, tha sinn a' bruidhinn air 40 seachdain," thuirt e.
Creachadh uabhasach
"Eadar 30 agus 40 uair de thìde san t-seachdain.
"Ma tha sinn gu bhith onarach mun ghnothach, chan urrainn dhut cànan a thogail ann an ùine ghoirid. Feumaidh tu a bhith a' smaoineachadh air bliadhna 's dà bhliadhna.
"Tha cainnt na dachaigh a cheart cho cudromach ri cainnt na sgoile.
"Cuideachd tha againn ri bhith a' lorg airgid. Tha sinn a' bruidhinn air rudeigin coltach ri £15,000 gach bliadhna airson 's gun urrainn do dhaoine a dhol air cùrsaichean làn-ùine.
"Chaidh creachadh uabhasach a dhèanamh air ar cànan thairis air na 500 bliadhna a dh'fhalbh.
"Tha an t-àm ann ris an Riaghaltas a bhith a' toirt airgid air ais dha na daoine airson cainnt na dachaigh ionnsachadh.
"Tha ar dualchas a' dèanamh nam milleanan 's nam billeanan dhan Riaghaltas tro uisge-bheatha, turasachd 's tron a h-uile càil eile, agus chan eil sgillinn a' tighinn air ais," thuirt e.
Thèid an iomairt a chur air bhog le sreath de choinneamhan poblach, leis a' chiad tè oidhche Chiadain ann an Dùn Èideann.