Colaiste a' Chaisteil ga moladh
Rinn Luchd-Sgrùdaidh na Bànrigh moladh air Colaiste Caisteil Leòdhais ann an Steornabhagh, 's iad a' togail gu sònraichte air mar a tha oileanaich gan ullachadh airson a bhith a' dol a-steach gu saoghal na h-obrach.
Ach chaidh innse do cheannardan na colaiste cuideachd gu bheil na h-uimhir de nithean eile ann a ghabhadh an leasachadh.
Tha an aithris seo aig Murray MacLeòid.