Taic ga cur ri buidseat an Riaghaltais
- Air fhoillseachadh

Thàinig taic bho na Làbaraich an dèidh mar a chaidh aonta a ruighinn eadar iad fhèin agus riaghaltas an SNP air cìs nan seòmraichean-cadail.
Chuir Pàrlamaid na h-Alba taic ri buidseat an Riaghaltais airson na bliadhna tha romhainn, le mòr-chuid làidir.
Am measg an £30bn a dh'fhoillsichear, tha stòras a bheir lùghdachadh air buaidh cìs nan seòmraichean-cadail ann an Alba.
Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, gu bheil am poileasaidh "aingidh agus millteach".
Thuirt e gun toireadh na planaichean airson 2014-15 togail do dh'fhàs na h-eaconamaidh, agus cothrom air seilbh do bhun-structair, sgoiltean agus taigheadas aig prìsean reusanta.
Leis gu bheil mòr-chuid aig an SNP sa Phàrlamaid, b' urrainn dhaibh am buidseat aca fhaighinn troimhe às aonais taic nam pàrtaidhean eile.
Aig a' cheann thall, mar a bhathas an dùil, chaidh a' bhòt troimhe le taic bho na Làbaraich, na Lib-Deamaich agus na h-Uainich.
Thuirt na Tòraidhean ge-tà, nach eil gu leòr ann am planaichean an SNP airson an eaconamaidh a chuideachadh.
Gealltanasan
Am measg ghealltanasan an Riaghaltais dhan robh na Lib-Deamaich taiceil, tha:
£55m airson biadh sgoile an asgaidh anns a' chiad trì bliadhna den bhun-sgoil dhan a h-uile sgoilear
£59m airson cùram-cloinne a leudachadh gu pàistean aois dà bhliadhna
Thàinig taic bho na Làbaraich an dèidh mar a chaidh aonta a ruighinn eadar iad fhèin agus Riaghaltas an SNP air cìs nan seòmraichean-cadail - thèid £15m a chosg airson taic a thoirt do dhaoine a chaill airgead air sàilleabh an atharrachaidh chonnspaidich ann an siostam nan sochairean sòisealta.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil gach nì an crochadh air cead bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air sàilleabh gu bheil crìoch an-dràsta air na 's urrainn do dh'Alba a bhith a' cosg air seo.
Tha na Làbaraich ag ràdh gun tàinig an gluasad seo bho Riaghaltas na h-Alba air sgàth a' chuideim a chuir iadsan orra. Ach a dh'aindeoin sin, chuir iad fàilte air an airgead agus air a' ghluasad seo.
Thuirt labhraiche ionmhais nan Làbarach, Iain Gray: "Feumaidh sinn gabhail ris, a thaobh seo co-dhiù, nach eil an Riaghaltas air Alba fhàgail na tàmh, ach gu bheil iad air an rud ceart a dhèanamh."
Cead
Chan eil fhios aig an ìre seo an toir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead seachad, agus chan eil Riaghaltas na h-Alba air a ràdh dè an dùil a th' acasan mun chùis.

Am measg ghealltanasan an Riaghaltais tha £59m airson cùram-cloinne a leudachadh gu pàistean aois dà bhliadhna.
Tha iad air sgrìobhadh gu Roinn na h-Obrach 's nam Peinnseanan ann an Westminster, gus iarraidh orra a' chrìoch a th' air na 's urrainn dhaibh cosg a thogail.
Feumaidh iad feitheamh air freagairt air ais bhuapasan, ach tha an SNP agus na Làbaraich den bheachd gum biodh e fiù 's na b' fheàrr cur às dha seo uile gu lèir.
Ach, tha eas-aonta eatorra mun dòigh as fheàrr air sin a dhèanamh, leis an SNP ag ràdh gur e an dòigh as fheàrr a bhith a' bhòtadh airson neo-eisimeileachd anns an referendum, agus na Làbaraich ag ràdh nan robh riaghaltas Làbarach ann an Lunnainn an ath-bhliadhna, gun gabhadh a dhèanamh air an dòigh sin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An Gearran 2014

- Air fhoillseachadh22 Am Faoilleach 2014
