An argamaid airson neo-eisimeileachd
Tha an argamaid airson neo-eisimeileachd a' tighinn às a cheile, a rèir Rùnaire na h-Alba.
Bha Alasdair MacIlleMhìcheil a' bruidhinn às dèidh na thuirt Àrd-Stiùriche BP Dimàirt mun mhì-chinnt a tha an deasbad a' cruthachadh.
Ach, thuirt ceannard an SNP aig Westminster, Aonghas Robasdan, gu bheil mòran luchd-gnìomhachais taiceil do neo-eisimeileachd.