Seirbheisean màthaireachd gan lùghdachadh?
- Air fhoillseachadh

Tha trioblaid aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd luchd-obrach le eòlas sònraichte fhastadh ann an Inbhir Ùige.
Dh'fhaodadh gun tig lùghdachadh air seirbheisean màthaireachd ann an Ospadal Ghallaibh air sgàth gainnead luchd-obrach.
Thàinig e am barr an-uiridh gun robh cuid de bhoireannaich gan toirt a dh'Inbhir Nis airson leanaban a bhith aca air sgàth 's nach gabhadh seirbheis choileanta a thoirt seachad ann an Inbhir Ùige.
Tha duilgheadas air a bhith aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd bho chionn bhliadhnaichean eòlaichean fhastadh ann an Gallaibh.
Dh'fhàs an suidheachadh na bu mhiosa buileach ri linn bàs dotair locum a chaidh fhastadh 'son a bhith ag obair ann an Inbhir Ùige.
A-nis tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gur ann "cugallach" a tha an t-seirbheis.
Tha còrr is deich bliadhna ann bho nochd dragh mu dè cho seasmhach 's a bha seirbheisean màthaireachd ann an Gallaibh, ach tha a' choimhearsnachd air cur an aghaidh oidhirpean roimhe gus an roinn a lùghdachadh.