Taic do chòisirean òigridh
- Air fhoillseachadh

Bithear a' tabhann taic phractaigich do chòisirean ùra, leithid bhùithdean-obrach, no fiù 's taic le bhith a' lorg òran no co-sheirm ùra.
Tha an Comunn Gàidhealach air sgeama ùr a stèidheachadh ri linn crìonadh san àireamh de chòisirean òigridh a tha a' farpais aig a' Mhòd.
Thathas an dùil bùthan-obrach agus taic a thabhann do chòisirean ùra.
Thuirt Seumas Greumach bhon Chomunn gu bheilear am beachd sgeama ùr a chur air bhog do chòisirean òigridh Gàidhlig ann an oidhirp barrachd dhiubh a stèidheachadh.
"Tha fhios nach eil e furasta, no dha-rìribh comasach do sgoiltean agus coimhearsnachdan còisirean a stèidheachadh, mur a bheil goireasan aca.
"Mar sin dheth, tron sgeama seo, tha sinn airson taic a chumail riutha ann a bhith a' dèanamh sin," thuirt Mgr Greumach.
Thèid an sgeama a ruith ann an co-bhanntachd le Comunn nan Còisirean Gàidhlig.
Taic Phractaigeach
Bithear a' tabhann taic phractaigich do chòisirean ùra, leithid bhùithdean-obrach, no fiù 's taic le bhith a' lorg òran no co-sheirm ùra.
"Tha sinn a' faicinn crìonadh ann an farpaisean do chòisirean aig aois nas sine, 's dòchas eadar aois 13-18.
"Cha robh ach aon chòisir againn an-uiridh, aig Mòd Phàislig, a bha a' feuchainn air farpais co-sheirm airson luchd-ionnsachaidh," dh'innis Mgr Greumach.
Mar sin, tha a' bhuidheann airson oidhirp a dhèanamh air na h-àireamhan àrdachadh.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama bho Sheumas Greumach - Àireamh-fòn: 01463 709 705 no post-dealain: james@ancomunn.co.uk, no air làrach-lìn a' Chomuinn Ghàidhealaich, taobh a-muigh.