Buidhnean coimhearsnachd a' faighinn maoineachaidh
- Air fhoillseachadh

Tha Stòras Fearainn na h-Alba air a mhaoineachadh leis an Riaghaltas Albannach.
Tha buidheann coimhearsnachd anns an t-Srath Ghlas ann an Siorrachd Inbhir Nis an impis smachd a ghabhail air coille san sgìre às dèidh dhaibh grant de £221,000 fhaighinn bho Stòras Fearainn na h-Alba.
Tha Coille Coimhearsnachd Àigeis am measg trì buidhnean air a' Ghàidhealtachd a gheibh airgead bhon stòras.
'S ann bho chionn còig bliadhna a thòisich Coille Coimhearsnachd Àigeis air iomairt gus a' choille fhaighinn fo smachd na coimhearsnachd.
Leis a' mhaoineachadh a fhuair iad, ceannaichaidh iad a-niste pàirt de Choille Àigeis agus gabhaidh iad an còrr den choille choimearsalta air màl.
Tha iad airson a' choille a leasachadh gus buannachdan eaconamach agus sòisealta a chruthachadh dhan sgìre.
Chan iad muinntir an t-Srath Ghlais a-mhàin a gheibh maoineachadh, agus Urras Leasachaidh Chaolas Chataibh a' faighinn £144,512 airson Oifis a' Phuist ann an Drochaid a' Bhanna a cheannach gus an t-seirbhis a chumail a dol.
Gheibh cuideachd Companaidh Coimhearsnachd Ghlinn Mhoireasdain an Iar £95,360 bhon stòras gus seann Bhun-Sgoil ann an Dail Chreachaird a leasachadh gu bhith na h-ionad coimhearsnachd.