Fiosrachadh mu mhaoimtean-sneachda do luchd-beinne
- Air fhoillseachadh

Tha cha-mhòr 180 maoim-sneachda air tachairt air an t-seusan seo fhèin.
Thèid fiosrachadh ùr do luchd-sgithidh agus sreapreapadairean mu na cunnartan a tha an lùib mhaoimtean-sneachda fhoillseachadh Dihaoine.
Tha sneachda trom thar grunn sheachdainnean air fàgail gu bheil cunnart ann am mòran shlèibhtean gu bheil maoimtean-sneachda nas dualtaiche tachairt.
Gu ruige seo tha cha-mhòr 180 maoim-sneachda air tachairt anns na cnuic an t-seusan seo fhèin a rèir na seirbheis fiosrachaidh SportScotland.
Tha am fiosrachadh ùr a' faighinn taic bho bhuidhnean beinne agus ag amas air uimhir de dh'fhiosrachadh 's as urrainnear a thoirt do luchd-cleachdiadh nam beann ann a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean mu na cunnartan mus tèid iad chun nan slèibhtean.
'S e teachdaireachd na h-iomairt gu bheil e nas fhasa maoim-sneachda a sheachnadh na faighinn a-mach à tè dhiubh beò.