Sgeama hydro Mhuile ceum nas fhaisge
- Air fhoillseachadh

'S e a' chiad phròiseact ath-nuadhachail ann am Muile.
Chaidh aig companaidh ann am Muile airgead gu leòr a thrusadh tro a bhith a' reic earrainnean airson maoineachadh fhaighinn gus a' chiad sgeama hydro a stèidheachadh san eilean.
Bha aig Green Energy Mull Eta ri £330,000 a thogail tro earrainnean mu choinneimh maoineachaidh airson Sgeama Hydro a' Gheàrr-Mhonaidh, faisg air Creag an Iubhair.
Cosgaidh am pròiseact gu lèir £1.1m, agus 's e a' chiad phròiseact chumhachd ath-nuadhachail ann am Muile a bhios ann.
Bha iad a' sireadh co-dhiù £50 bho gach duine a dh'iarradh airgead a chur thuca, agus gheibheadh gach duine aon bhòt air bòrd-stiùiridh na companaidh, ge b' e dè na thug iad dhaibh.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh