Each ga thoirt a-mach à taigh an Leòdhas
Tha tè a bha a' cumail an eich aice na dachaigh air a' Bhac ann an Leòdhas, ag ràdh gun tèid i gu lagh an dèidh mar a chaidh an t-each a thoirt air falbh le riochdairean na Comhairle.
Chaidh an t-each a thoirt air falbh madainn Diardaoin, agus Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gun robh seo airson maith an eich fhèin.
A' bruidhinn ris a' BhBC a-mhàin thuirt Stephanie Noble gu bheil i a' dol gan toirt gu lagh airson an t-each aice fhaighinn air ais.
Le tuilleadh, seo Aonghas Dòmhnallach.