Àrd-Oifigeach Shell airson 's gum fuirich Alba mar phàirt den RA
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Mgr van Beurden do chruinneachadh ann an Lunnainn gu bheil e airson 's gum fuirich Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.
Nochd Àrd-Oifigeach na companaidh ola Shell gum b' fheàrr leis nan leanadh Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.
Dh'innis Ben van Beurden do chruinneachadh ann an Lunnainn gu bheil e a' cur luach air a' chinnt agus air an t-seasmhachd a tha an Rioghachd Aonaichte a' tabhann taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh moladh air referendum airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail na chunnart dha saibhreas na dùthcha.
An t-seachdain seo chaidh, chuir Shell fàilte air Caibineat na Rìoghachd Aonaichte ann an Obar Dheathain.
Àrd-Oifigich
Aig a' choinneamh sin, thuirt Cathraiche na companaidh, Ed Daniels, gum biodh e ceàrr don chompanaidh a dhol an sàs anns an deasbad agus gur e gnothach a th' anns an referendum do mhuinntir na h-Alba.
Ach ann an Lunnainn air oidhche Chiadain, dh'innis Mgr van Beurden do chruinneachadh ann an Lunnainn gu bheil e airson 's gun fuirich Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.
Thuirt e gu bheil e cuideachd a' cur luach air àite na Rìoghachd Aonaichte anns an Aonadh Eòrpach.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad deònach coinneachadh ri Shell airson bruidhinn riutha mu am planaichean airson Alba neo-eisimeileach.
Tha a' chompanaidh ola Shell a' cosg £1bn gach bliadhna sa Chuan a Tuath air ola agus gas.
Coinneamh
Tha iad ag ràdh gun lean sin, ach ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba san t-Sultain, agus 's dòcha referendum eile aig ìre na Rìoghachd Aonaichte ann an 2017, air ballrachd san Aonadh Eòrpach, tha a' chompanaidh air am beachdan a dhèanamh soilleir.
Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gu bheil iad deònach coinneachadh ri Shell airson na planaichean aca airson dùthaich neo-eisimeileach agus ballrachd Alba neo-eisimeileach anns an AE a mhìneachadh dhaibh.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad cuideachd den bheachd gun robh moladh air referendum ann am Breatainn airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail na chunnart dha saibhreas na dùthcha.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 An Gearran 2014
