A83 dùinte às dèidh maoim-slèibhe
Mhair an A83 dùinte aig an Rest And Be Thankful air oidhche Haoine às dèidh maoim-slèibhe madainn Ardaoin.
Bha beagan faochadh ann do dhràibhearan tron là, le siostam 'convoy' a' ruith air seann rathad an airm.
Ach leis an seach-rathad èiginneach sin ga dhùnadh eadar 6.00f agus 7.00m, tha astar mòr ma choinneamh dhràibhearan a tha a' siubhal tron oidhche - rud a tha ag adhbharachadh tòrr mì-thoileachas.