Taghadh nan tuathanach
Le sia mìosan ri dhol chun an referendum chan eil càil de choltas gu bheil an deasbad a' sìoladh.
An-raoir bha an dà thaobh san deasbad a' cur air adhart nan argamaidean aca aig margaidh sprèidh Shruighlea.
Bha mu 400 croitear agus tuathanach aig a' chùis a chaidh a chur air dòigh le Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach.
Bha am fear-naidheachd poileataigeach againn, Darren Linc, nam measg.