Buill ùra do Bhòrd na Gàidhlig
Chaidh triùir bhall ùr an ainmeachadh airson Bòrd na Gàidhlig.
Tha iad a' toirt diofar sgilean dhan obair, 's iad air a bhith a' faighinn cosnaidh ann an roinnean leithid foghlam, rannsachadh agus craoladh.
Chaidh a' chiad choinneamh le na buill ùr a chumail Dimàirt agus mairidh iad air a' Bhòrd gu deireadh a' Mhàirt 2018.
Tha tuilleadh aig Dòmhnall Angaidh Moireasdan.