Foighidinn a dhìth thar mìosan an t-samhraidh
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh an MV Loch Seaforth air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul anns an t-Sultain.
Chaidh iarraidh air daoine a bhios a' siubhal air aiseag Steòrnabhaigh thar nam beagan mhìosan a tha romhainn a bhith foighidneach agus obair mhòr a' tòiseachadh aig a' chidhe air thoiseach air an aiseag ùr.
Cha bhith uimhir de dh'àiteachan parcaidh do chàraichean aig a' chidhe fhad 's a tha an obair a' dol.
Tòisichidh an MV Loch Seaforth air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul anns an t-Sultain.
Anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, tha dà chidhe air a bhith gan cleachdadh le aiseagan Steòrnabhaigh.
Tha an MV Isle of Lewis stèidhichte aig cidhe 3 agus, san ùine fhada, bidh an Loch Seaforth cuideachd a' cleachdadh cidhe 3.
Obair-leasachaidh
Thèid leudachadh a dhèanamh air a' chidhe sin gus am bi e freagarrach airson an aiseig ùir.
Am measg na h-obrach, feumar an cidhe a neartachadh agus goireas ùr a thogail dhan luchd-siubhail.
Nithear cuideachd rùm do charbadan-bathair, a bhios a' dol air an Loch Seaforth cuide ri luchd-siubhail eile, seach air bàta-bathair fa-leth.
Airson sin a dhèanamh feumar barrachd rùm, agus thathas a' dol a chur ris a' chidhe a th' ann le a bhith a' lionadh pàirt den chala aig ceann Newton den làraich.
Feumaidh an obair cuideachd freagairt air bàtaichean luchd-turais, is dùil ri barrachd dhiubh sin ann an Steòrnabhagh am bliadhna na bh' ann a-riamh roimhe.
Parcadh
Fhad 's a tha an obair seo ga dèanamh, dh'innis Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, gum bi an Isle of Lewis a' seòladh a-mach 's a-steach à cidhe 1, far an robh i uaireigin.
Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil e coltach gun adhbharaich seo trioblaidean parcaidh ann am meadhan a' bhaile.
Tha àiteachan parcaidh dha 90 carbad an-dràsta mu thimcheall a' chidhe, ach leis gum feumar rùm a dhèanamh do thrafaig an Isle of Lewis, thèid sin a chall.
Thuirt e gum feum carbadan a tha an-dràsta air am parcadh aig cidhe 1 a bhith air an toirt air falbh ro 6.00f air Dihaoine an 18mh là den Ghiblean, agus obair ri dhèanamh air a' chidhe sin cuideachd.
Fuasgladh
Thuirt e gu bheil a' Chomhairle ag obrachadh còmhla ri Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, agus a' chompanaidh a tha a' dèanamh na h-obrach, BAM Nuttall, gus fuasglaidhean a lorg.

Feumaidh carbadan a tha an-dràsta air am parcadh aig cidhe 1 a bhith air an toirt air falbh ro 6.00f air Dihaoine an 18mh là den Ghiblean.
Thathas cuideachd a' cumail chòmhraidhean le na poilis agus na maoir-trafaig gus feuchainn ri àiteachan parcaidh eile a lorg.
"Tha trioblaidean gu bhith ann, 's tha daoine gu bhith do-riaraichte, ach 's e ùine ghoirid a th' ann agus tha sinn ag iarraidh gum bi daoine foighidneach," thuirt Mgr MacAoidh.
Thuirt e gum bi an obair a' dol airson co-dhiù trì no ceithir mhìosan, ach gu bheilear cinnteach gum bi an cidhe deiseil ron 8mh là den t-Sultain, nuair a thòisicheas an MV Loch Seaforth.
"Chan eil mi a' smaoineachadh gum bi càil ann a chuireas dragh air na seòlaidhean. 'S e parcadh as motha an trioblaid a th' againne," thuirt e.
"Tha àiteachan ann airson parcadh, ach chan eil àiteachan ann am meadhan a' bhaile.
"Tha e gu bhith gu math duilich, agus 's ann nas miosa a bhios e a' dol mar a bhios an samhradh a' dol air adhart," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 Am Màrt 2014

- Air fhoillseachadh12 An t-Samhain 2013
