Soraidh slàn à Rosebank
Chaidh na prògraman rèidio mu dheireadh an craoladh à togalach a' BhBC air Sràid na h-Eaglaise ann an Steòrnabhagh Diluain.
Thairis air a' chola-deug a tha romhainn, gluaisidh na seirbhisean rèidio agus telebhisean gu ionad ùr air Rathad Shìophort air iomall a' bhaile.
Mar a tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris, tha seo a' toirt 35 bliadhna de chraoladh ann an togalach Rosebank gu crìch.