Spreadhadh ann am Farrais
- Air fhoillseachadh

Thugadh aon fhireannach, 59, gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain, 's e air a dhroch ghoirteachadh.
Chaidh seachdnar, luchd-smàlaidh nam measg, a ghoirteachadh ann an spreadhadh is teine aig raon-gnìomhachais ann am Moireibh.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn an dèidh do stòr duslaich fiodha spreadh air làrach James Jones and Sons ann am Farrais.
Chaidh aon neach, a bh' air an goirteachadh gu mòr, a thogail gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain ann an heileacoptair.
Thathas a' tuigsinn gun do thachair an spreadhadh fhad 's a bha luchd-smàlaidh a' dèiligeadh ris an teine.
Chaidh sia de na chaidh a ghoirteachadh a thoirt don ospadal.
Thathas a' tuigsinn gun robh am fear a thugadh a dh'Obar Dheathain, a tha 59, ag obair aig an ionad.
Thugadh dithis smàladair, a tha le chèile 47 bliadhna de dh'aois, gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Dh'fhulaing an treas smàladair lotan beaga, 's cha robh e feumach air an tuilleadh leigheis.