Casaid mu "bhuidheann fhuadain"
- Air fhoillseachadh

Stèidhich am BPA Nàiseantach, Dàibhidh MacThòmais, Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd bho chionn còig bliadhna.
Chaidh a chur às leth Bu Chòir Alba gun do chruthaich iad buidheann air Ghàidhealtachd airson faighinn timcheall air riaghailtean maoineachaidh.
Tha Tòraidhean na h-Alba ag ràdh gu bheil Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd ag obair do dh'iomairt Bu Chòir, agus nach eil annta ach buidheann fhuadain.
Chaidh an duine a stèidhich a' bhuidheann às àicheadh sin.
Stèidhich am Ball-Pàrlamaid Albannach Nàiseantach, Dàibhidh MacThòmais, Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd bho chionn còig bliadhna.
Tha am fear-gnothaich Brian Souter am measg an luchd-taic aca, agus thug e £100,000 dhaibh.
Clàradh
Thuirt a' bhuidheann gu bheil dùil aca iad fhèin a chlàradh mar bhuidheann air leth bho Bu Chòir Alba, rud a leigeadh dhaibh £150,000 a chosg air iomairt an referendum.
'S e buidhnean nach eil ag obair le Bu Chòir Alba a-mhàin a dh'fhaodas còrr air £10,000 a chosg tron iomairt oifigeil a thòisicheas an ceann mìos.
Ach, tha Dàibhidh MacThòmais ag ràdh gur e buidheann air leth a th' annta, agus nach bi iad an sàs ann an tachartasan le buidhnean eile.
Thuirt e gun tèid Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd a chlàradh le Coimisean nan Taghaidhean agus gun cùm iad ris na riaghailtean aca.
Ach, bha Tòraidhean na h-Alba ag ràdh gum feumadh airgead a chosgadh Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd a thoirt bhon t-sùim a tha Bu Chòir ceadaichte a chosg.