Ag iomradh bho NY gu SY
Tha an craoladair Niall Iain Dòmhnallach a' dèanamh an ullachaidh mu dheireadh airson an dùbhlain charthannais as motha ga bheatha.
Fàgaidh e Leòdhas a-màireach 's e a' dèanamh air New York.
An ceann cola-deug tha e an dùil New York fhàgail agus iomradh mu 3,400 mìle thar a' Chuain Shiar gu ruige Steòrnabhaigh.
'S e an t-amas airgead a thogail agus aire a tharraing gu cathrannas tinneas-inntinn. Chaidh Ruaraidh Rothach a bhruidhinn ris.