Rothaireachd san Eilean Dubh
Chaidh companaidh choimhearsnachd ùr a chur air bhog Diluain airson turasachd bhaidhsagail a bhrosnachadh anns an Eilean Dubh.
Tha Black Isle Bicycles gu bhith a' cur baidhsagalan a-mach air màl.
Buinidh i dhan bhuidheann choimhearsnachd Transition Black Isle, a tha a' feuchainn ris an sgìre a leasachadh ann an dòigh a fhreagras air an àrainneachd.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.