Ospadal an Ràthaig Mhòir glan
- Air fhoillseachadh

Nochd ceist mu ghlainnead às dèidh do luchd-sgrùdaidh tadhal air Ospadal an Ràthaig Mhòir.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach bu chòir iomagain a bhith air a' phoball mu ghlainead ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Nochd ceist aig cuid nuair a thàinig air a' bhòrd-slàinte tuilleadh obair-glanaidh a chur air dòigh anns an ospadal às dèidh do luchd-sgrùdaidh tadhal air an ospadal.
Thadhail Buidheann sgrùdaidh a' Chùraim Shlàinte air Ospadal an Ràthaig Mhòir air dà là air a' mhìos a dh'fhalbh, gun rabhadh, agus thog iad air grunn rudan air am feumadh an t-ospadal piseach a thoirt.
Obair-glanaidh
Nam measg, bha mar a tha iad a' dèiligeadh ri sgudal clinigeach - agus chaidh cuideachd tuilleadh obair-glanaidh iarraidh ann an Roinn A&E an ospadail.
Thog aithisg bho chionn dà bhliadhna grunn uireasbaidhean ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir.
Thuirt Catherine Stokoe bho NHS na Gàidhealtachd gun deach obair mhòr a dhèanamh bhon uair sin agus gu bheil an t-ospadal glan.
Thèid làn aithisg na buidhne sgrùdaidh fhoillseachadh an ath-mhìos.