MoD a' faighinn buaidh sa chùirt
- Air fhoillseachadh

Tha an MoD air a bhith ann an Uibhist fad bhliadhnaichean.
Shoirbhich le Ministreachd an Dìon ann a bhith a' cur às do cho-dhùnadh Comhairle nan Eilean Siar cead a thoirt do leasachaidhean chrann-gaoithe ann an Uibhist a Deas.
Dh'iarr an MoD ath-sgrùdadh laghail às dèidh do chomataidh dealbhachaidh na comhairle cead a thoirt dha dà chrann ann an Bòrnais agus aon ann an Fròbost an-uiridh.
Chaidh an MoD gu Cùirt an t-Seisein 's iad ag ràdh gun toireadh na cruinn buaidh air na siostaman rèidear aca.
Chuir am britheamh, am Morair Doherty, co-dhùnadh comataidh na comhairle an dara taobh.
Thuirt Comhaire nan Eilean Siar nach biodh e iomchaidh dhaibh càil a ràdh gus am faigheadh iad breith mhionaideach na cùirte.
Ach tha coltas ann gum bi aig an t-ùghdarras ionadail ri beachdachadh air na h-iarratasan dealbhachaidh a-rithist.