Poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh tubaist rathaid
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis anns na h-Eileanan an Iar a' sireadh tuilleadh fiosrachaidh mu thubaist rathaid anns an deach fireannach òg a dhroch ghoirteachadh.
Thachair an tubaist air rathad an A857 ann an Lìonail ann an Nis, goirid ro 01:00 air madainn Disathairne.
Cha robh ach aon càr an sàs anns an tubaist, 's chaidh an dràibhear a dhroch leòn.
Thuirt na poilis gur e fireannach, aois 24, a bha a' dràibheadh am Ford Focus uaine.
Tha cobhair ga dheànamh air san ospadal ann am Pàislig.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh