Iomairt NY2SY air tighinn gu ceann
- Air fhoillseachadh

Bha Niall Iain air còrr is seachdain a chur seachad aig muir.
Tha an craoladair Niall Iain Dòmhnallach, a chuir roimhe iomradh leis fhèin tarsainn a' Chuain Shiair, ag ràdh nach eil e an dùil feuchainn air an dùbhlan tuilleadh am-bliadhna.
Thàinig an iomairt aige gu ceann oidhche Haoine nuair a dh'fhàg tubaist gum b' fheudar do mhaoir-chladaich nan Stàitean Aonaichte cobhair a dhèanamh air.
Dh'fhàg e New York air an 5mh là den Ògmhios, 's e an dòchas gun ruigeadh e Steòrnabhagh an ceann trì mìosan neo mar sin.
Chuir e fios air na maoir-chladaich ann am Falmouth an toiseach, às dèidh dha a dhruim agus a cheann a ghoirteachach, agus chuir iadsan brath gu maoir-chladaich nan Stàitean.
Chaidh a thoirt dhan ospadal, ach cha deach a leòn cho dona 's a bha e dùil an toiseach.
Prìomh amas
Tha e ag ràdh gur e am prìomhachas aige a-nis an t-eathar aige fhaighinn air ais 's i mu 100 mìle an ear air New Jersey.
Niall Iain Dòmhnallach, a' bruidhinn air Aithris na Maidne.
"Tha a h-uile càil a th' agam co-cheangailte ris a' bhàta - tha an stuth agam fhathast air bòrd agus a h-uile sgillinn agam, chuir mi sin a-steach dhan bhàta airson pàigheadh air a son. Ma chailleas mi am bàta cha bhi sian agam, so sin am prìomh amas agam an-dràsta," thuirt e.
Thuirt e nach robh e air co-dhùnadh fhathast na thachras a thaobh na h-iomairt aige, ach nach biodh e ciallach dha feuchainn air a-rithist san aithghearrachd às dèidh dha a dhruim a ghoirteachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An t-Ògmhios 2014

- Air fhoillseachadh22 An Cèitean 2014
