Mapa an Fhearainn Nàdarra ga fhoillseachadh
- Air fhoillseachadh

Tha am mapa a' comharrachadh 19.5% de dh'Alba mar Fhearann Nàdarra.
Dh'fhoillsich Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) mapa de dh'Fhearann Nàdarra na h-Alba.
Tha am mapa - a tha a' dol an àite mapa eile a dh'fhoillsicheadh an-uiridh - a' sealltainn far a bheil 42 sgìre, sgrìoban mòra den Mhonadh Ruadh agus Ros an Iar nam measg, a thathas a' comharrachadh mar Fhearann Nàdarra.
'S e sin fearann a th' air a dhìon bho leasachaidhean leithid thuathan-gaoithe.
Tha am mapa cuideachd a' comharrachadh na h-uimhir de sgìrean ann an Earra-Ghàidheal, na h-Eileanan Siar, Arcaibh, Sealtainn agus ceann a deas na h-Alba.
Uile gu lèir, tha Fearann Nàdarra a' gabhail a-steach 19.5% de dh'Alba, a rèir a' mhapa.
Tha Urras Iain Mhuir, a bh' air cùlaibh na h-iomairt airson Fearann Nàdarra a chomharrachadh, ag ràdh gum bu chòir gum bi e nas fhasa a-niste cur an aghaidh thuathan-gaoithe.
Stiùir
Chaidh am mapa ullachadh mar thaic do Structar Dealbhachaidh Nàiseanta an Riaghaltais Albannaich, agus Poileasaidh Dealbhachaidh na h-Alba.
Thuirt SNH gu bheil am mapa a' comharrachadh nan sgìrean as motha de dh'fhearrann air nach eil buaidh ro fhollaiseach aig mac-an-duine ri fhaicinn, agus a thathas a' meas cudromach aig ìre nàiseanta.
Chaidh ullachadh an dèidh co-chomhairleachaidh phoblaich a mhair seachd seachdainnean deireadh na bliadhna an-uiridh.
Thuirt Àrd-Stiùiriche SNH, Ian Jardine, gum biodh am mapa na stiùir air leasachaidhean ann an sgìrean a th' air an comharrachadh mar Fhearann Nàdarra.
"Tha na làmh-sgrìobhainnean dealbhachaidh a chaidh fhoillseachadh an-diugh a' dol mòran nas fhaide na bhith ag aithneachadh cho cudromach 's a tha goireas an Fhearainn Nàdarra fhèin," thuirt e.
"Tha iad cuideachd ag aithneachadh cho cudromach 's a tha nàdar agus cruth na tìre san fharsainneachd, agus mar a bhios daoine ga mhealtainn, a thaobh a bhith a' coileanadh fàs eaconamaich."