Comhairle a' dol as àicheadh aithrisean
- Air fhoillseachadh

Chan eil a' Chomhairle idir a' gabhail ri aithrisean gu bheil ceist mu choinneimh an leasachaidh ri linn cion-airgid.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad an dùil 's an dòchas gum bi an obair gus taigh-òsta a stèidheachadh ann an Caisteal Leòdhais deiseil an ceann dà bhliadhna.
Tha aca fhathast ri airgead a lorg airson a' phàirt sin den leasachadh ge-tà.
Chan eil a' Chomhairle idir a' gabhail ri aithrisean gu bheil ceist mu choinneimh an leasachaidh ri linn cion-airgid.
Thuirt Ceannard an Leasachaidh Eaconamaich aig a' Chomhairle, Joe Mac a' Phì: "'S e droch bheachd a th' againn air na h-aithrisean sin, chan eil iad fìrinneach idir."
Eaconamaidh
Thuirt Mgr Mac a' Phì gu bheilear an-dràsta ag obair air a' chiad 's an dàrna pàirt den phròiseact, 's gu bheil "an t-airgead againn slàn" gus sin a choileanadh.
An ath-bhliadhna, thuirt e gum bi an caisteal air a dhèanamh an-àirde air an taobh a-muigh, agus gum bi an làr ìosal den taobh a-staigh air a chur air ais mar a bha e uaireigin.
Bhiodh an taigh-tasgaidh 's an tasglann ùr air an stèidheachadh, agus dùil fhathast gum bithear a' fosgladh mun àm seo an ath-bhliadhna.
"'S e pròiseact air leth cudromach a th' ann airson na h-eaconamaidh air feadh nan eilean, gu h-àraidh a thaobh luchd-turais," thuirt e.
Thuirt Mgr Mac a' Phì cuideachd gum bi na goireasan ùra feumail airson dualchas, cànan, eachdraidh agus arceòlas na sgìre a bhrosnachadh.
Ionmhas
Ged a bhios na ciad phìosan den phròiseict deiseil an ath-bhliadhna, tha obair fhathast a dhìth gus am pròiseact air fad a choileanadh.
Thuirt Mgr Mac a' Phì gu bheilear an-dràsta a' tarraing nan cosgaisean mu dheireadh ri chèile, 's a' feuchainn ri airgead a chur mun coinneimh.
"Feumaidh sinn a h-uile sgath a chur ri chèile ro dheireadh na bliadhna, 's bidh sinn a' cur aithisg mu choinneimh na Comhairle agus cuideachd mu choinneimh bhuidhnean eile a tha sinn an dòchas a bhios a' cur airgid ris an seo.
"Tha sinn dòchasach, agus tha e na phàirt den obair a tha sinn a' dèanamh mu choinneimh pròiseict a' chaisteil anns an fharsaingeachd," thuirt e.
Leis gum bi ìrean a h-aon 's a dhà deiseil mu àm seo an ath-bhliadhna, tha ceist mu cuin a bhios an taigh-òsta deiseil.
"Chanainn gum biodh e 2016 mus bi an obair sin deiseil agus 's e sin an t-seòrsa plana a th' againn an-dràsta, ach tha sinn a' feuchainn ri sin a tharraing air adhart, ma 's urrainn dhuinn," thuirt Mgr Mac a' Phì.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An t-Iuchar 2014

- Air fhoillseachadh18 Am Màrt 2014
