Come away the Reds!
Nuair a bha na ceudan a' leantainn slighe Batan na Bànrigh tro na h-Eileanan air Oidhche Mhàirt, bha tachartas mòr eile a' dol ann an sgìre an Rubha ann an Leòdhas.
Bha Ionad Stoodie san sgìre loma-làn agus leabhar mu eachdraidh sgioba ball-coise an Rubha ga fhoillseachadh.
Air a sgrìobhadh le Mata MacÌomhair, tha Playing for The Red Jersey a' comharrachadh 80 bliadhna bho thòisich an sgioba.
'S mar a fhuair Dòmhnall MacLaomainn a-mach, bha sgeulachdan gu leòr ann mun luchd-leantainn cuideachd.