'Bu chòir margaidh shingilte a chumail'
- Air fhoillseachadh

Bhiodh cothrom air leithid de mhargaidh cudromach do ghnìomhachas a' chumhachd ath-nuathachail ann an Alba.
Tha Riaghaltas na h-Alba air fàilte a chur air aithisg a tha ag ràdh gun toireadh neo-eisimeileachd barrachd chumhachd do dh'Alba gus dèiligeadh ri prìsean mòra is bochdainn connaidh.
Thuirt an Coimisean Comhairleachaidh air Riaghladh Chumhachd cuideachd gum bu chòir margaidh shingilte fhathast a bhith ann airson cumhachd eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte, ma thèid bhòtadh airson neo-eisimeileachd san t-Sultain.
Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ge-tà, nach bi margaidh shingilte ann, mar a tha an-dràsta, ma thèid bhòtadh airson neo-eisimeileachd.
Chaidh an Coimisean seo a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba airson comhairle a thoirt air na bhiodh neo-eisimeileachd a' ciallachadh do roinn a' chumhachd.
Margaidh shingilte
Cho-dhùin an Coimisean, taobh a-muigh gun robh taic mhòr ann airson margaidh shingilte a chumail eadar Alba agus an Rìoghachd Aonaichte, ma thachras neo-eisimeileachd.
Thuirt an Coimisean cuideachd gum biodh seo na bhuannachd do dhaoine ann an Alba, a bharrachd air daoine ann an Sasainn agus a' Chuimrigh.
Bhiodh cothrom air leithid de mhargaidh cudromach do ghnìomhachas a' chumhachd ath-nuathachail ann an Alba.
Tha am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, air fàilte a chur air an aithisg, agus mar a tha i ag ràdh gu bheil margaidhean singilte air obrachadh mar-thà ann an àiteachan eile san Roinn Eòrpa.
Farsaingeachd
Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ge-tà, nach bi margaidh shingilte ann, mar a tha an-dràsta, agus nach biodh uallach air a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte cumhachd a cheannach bho Alba neo-eisimeileach.
Anns a' Ghiblean, thuirt Rùnaire Chumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Ed Davy: "Saoilidh mi gu bheil margaidh shingilte Bhreatainn - aonaichte mar a tha sinn an-dràsta, far a bheil cumhachd a' sruthadh thairis nan crìochan gu seòlta - a' fàgail ar cumhachd nas tèarainte, a' cumail chosgaisean sìos agus a' toirt cothrom dhuinn a' dhol "uaine", a' leasachadh càrboin. Dèan sgaradh air an sin agus falbhaidh na buannachdan."
Thuirt e cuideachd: "Le farsaingeachd de thùsan air taobh a-staigh a crìochan fhèin agus an àiteachan eile, cha bhiodh uallach air a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte cumhachd a cheannach bho Alba neo-eisimeileach."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An Giblean 2014
