Alba deiseil airson na Geamaichean
Tha Alba deiseil airson Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis, a rèir stiùirichean Glaschu 2014.
Tha na lùth-chleasaichean mu dheireadh air a bhith a' dèanamh air Glaschu mus tòisich na Geamaichean gu ceart Diardaoin.
Cuideachd, fhuair sgoilearan bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu cothrom air Batan na Bànrigh fhaicinn Diluain, 's e a dol tron sgìre acasan.