Fèill uan na Luirge
Bha prìsean aig tè de na fèilltean uan as motha san Roinn Eòrpa an-àirde am-bliadhna.
Aig fèill mhòr na Luirge Dimàirt, bha muilt gan reic airson £55 sa chumantas, le prìs uain bhoireann a' ruighinn timcheall air £65.
Tha dòchas gu bheil seo na shamhla air na prìsean a bhios ri fhaotainn aig fèilltean eile a thèid a chumail air a' Ghàidhealtachd.
Bha Eileen Nic Dhomhnaill ag aithris às an Luirg.