Ionad sgudail ga dhiùltadh
Cho-dhùin comhairlichean Gàidhealach gun chead a thoirt do phròiseact connspaideach airson ionad sgudail a thogail ann an sgìre Carsegate an Inbhir Nis.
Bhiodh an t-ionad aig a' chompanaidh Munro Construction a' làimhseachadh stuth-bidhe agus sgudal airson ath-chuairteachadh, mus tèid a chur dhan òtrach.
Ach, mar a tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris, bha gu leòr na aghaidh.