Corp air a lorg sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh corp a bhoireannaich a lorg ann an Loch Mhùrlaig madainn Diluain.
Tha Poilis na h-Alba air rannsachadh a thòiseachadh às dèidh mar a chaidh corp boireannaich a lorg Diluain ann an Loch Mhùrlaig anns a' Mhonadh Ruadh.
Chaidh fios a chur air na poilis goirid às dèidh 11.20m, ach bha am boireanach marbh an uair a ràinig iad an loch.
Chaidh am boireannach ainmeachadh mar Sandra Davison, 52, à Kenda ann an Cumbria.
Thuirt na poilis nach eil dad amharasach mun chùis.
Chaidh aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh